To advertise a vacancy in this section e-mail your advert to
info@hebrides.biz
Adverts for each vacancy are only £30 for two weeks
or £40 for a month. Unlimited text.
Discounted rates available for multiple vacancies
Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd cudromach sa sgioba leasachaidh aca
a lìonadh. Tha an dreuchd sa – Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd; Sgìre
Loch a Tuath – na phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair
gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga.
Tha an obair a’ leantainn gach cuid ann an compàirt le sgoiltean is buidhnean eile,
agus taobh a-muigh na sgoiltean sa choimhearsnachd fhèin. Bithidh cothrom aig an
neach a tha seo leantainn ris an obair a tha mu thràth stèidhichte san sgìre, a thuilleadh
air na beachdan aca fhèin a chuir an sàs.
Bidh prìomh dhleastanasan na dreuchd a' gabhail a-steach:
- Pròiseactan leasachaidh òigridh anns an sgìre ainmichte – gach cuid còmhla ri sgoiltean,
agus sa choimhearsnachd mu chuairt
- An òigridh a mhisneachadh anns a Ghàidhlig – gu bhith deònach is toilichte a’ cleachdadh
- A’ bhith a’ brosnachadh foghlam Gàidhlig san sgìre, aig gach ìre
- A’ bhith an sàs (còmhla ri feadhainn eile san sgìoba) ann am prògram thachartasan
nàiseanta ChnaG (m.e. campaichean Sradagan, Cuach na Cloinne, campaichean eile)
- A’ bhith a’ clàradh toraidhean na h-obrach – a thaobh àireamhan chlòinne an sàs ann
an tachartasan agus mar sin air adhart;
Feumadh sibh dearbhadh gu bheil sibh:
- Fileanta agus misneachail anns a’ Ghàidhlig – gach cuid labhairt agus sgrìobhadh
.
- Eòlach agus misneachail ann an obair òigridh, is an comas dàimh a thogail leotha;
- Comasach air co-obrachadh le daoine eile mar phàirt de sgioba – m.e. luchd-teagaisg,
phàrantan, oifigearan eile
- Comasach fòcas agus libhrigeadh air prògram òbrach ionadail agus targaidean eile;
’S e dreuchd làn ùine a tha seo aig tuarastal eadar £22,000 agus £24,000. (Tha peinsean
de 9% peinsean ann, air muin an tuarastal a thèid aontachadh).
Tha an dreuchd sa stèidhte an Steòrnabhagh, san Tosgan air Rathad Shìophort, ach
ag obair ann an ‘Sgìre an Loch a Tuath – eadar an Rubha agus am Bac.
Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho:
Màiri T NicDhòmhnaill, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG
Fòn: 01851 701802 Post-dealain: oifis@cnag.org
Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 12.00f air 29 Am Màrt 2019 agus bidh
agallamhan ann, ann an Steòrnabhagh, uairegin san t-seachdain a’ tòiseachadh air
1 Giblein.
Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a' cur fàilte air
iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd.